Artaigilean Gàidhlig Inntinneach


Fàilte oirbh chun a’ bhloga Ghàidhlig agam. Chruthaich mi am blog seo le leasachadh mo chuid Gàidhlig mar phrìomh rùn. A dh’aindeoin sin, feuchaidh mi ri artaigilean a sgrìobhadh a bhiodh inntinneach ge b’ e dè an cànan anns an robh iad sgrìobhte.

Tha ùidh shònraichte agam ann an saidheans ⁊ matamataig fhoirmeil, beul-aithris, spòrs, agus saidheans-feallsa / pseudo-science (airson beagan fealla-dhà a ghabhail!). Chanainn gu bheil mo chuid sgrìobhaidh aig ìre eadar-mheadhanach, ’s dòcha pìos beag fo ìre adhartach. Ach, nuair a thèid agam air, nì mi mo dhìcheall gnàthasan-cainnt a chleachdadh air a bheil fìor bhlas na Gàidhlig.

Thagh mi an t-ainm “Crìoch Ioma-Fhillteachd” oir tha e ceangailte ri aon de na cuspairean matamataigeach as fheàrr leam: fractalan. Nuair a nochdas fractalan ann an nàdar, mar as trice, cha chithear feartan fractalach ach ann an rainse sgèilean ris an canar “The Range of Fractality” sa Bheurla. B’ àbhaist dhomh “The End of Complexity” a channtainn gu neo-fhoirmeil ri iomallan na rainse sin. Chan e teirm oifigeil a th’ ann, ach cha mhòr nach eil e an aon choincheap ri “The End of Greatness” ann an reul-eòlas. Leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach an e ainm grammatigeach a th’ ann no nach e, ach ’s e ainm snog a th’ ann gun teagamh.

Thoiribh sùil air na h-artaigilean ma thogras sibh, agus tapadh leibh airson tadhal air a’ bhlog!