’S e creutairean às na linntean dìochuimhnichte a th’ anns na Fir Ghorma, agus, mar as àbhaist don leithid de chreutairean, cha nochd iad am follais ach corra uair san latha an-diugh. Mar bu chubhaidh dhan ainm aca, ’s e seòrsa de dhaoine gorma a th’ annta, a tha a’ fuireach anns a’ Mhaoil (The Minch) a-mhàin. Tha an aghaidhean liath agus tha gàirdeanan fada orra a leigeas leotha snàmh aig astaran aibheasach. Tha iad cuideachd nas làidire na shaoileadh tu; cho làidir ’s gun tèid aig buidheann bheag dhiubh air fiù ’s bàtaichean mòra a chur bun os cionn sa mhuir, ma thogras iad.

Tha iad, sa mhòr-chuid, ri lorg anns a’ chaolas fhiadhaich eadar na Hearadh agus na h-Eileanan Seunta. Thar nam bliadhnaichean, chanadh grunn sheòladairean “Sruth an Sgrios” ris a’ chaolas seo. A rèir beul-aithris, seo far a bheil iad a’ fuireach: ann an uamhan fon uisge. A dh’aindeoin sin, gabhaidh am faicinn air feadh a’ Mhaoil: uaireannan, air làithean ciùin samhraidh, bidh iad a’ snàmh air an socair dìreach fon uachdar, agus chìthear an guailnean a’ deàrrsadh mar bhradain. Nuair a bheòthaicheas a’ ghaoth, bidh boile orra, ’s iad a’ snàmh len cinn a’ bocadaich a-mach às an uisge, agus bidh iad a’ splaiseadh an uisge gus a bhuaireadh nas motha. ’S ann aig amannan mar sin as trice a bhios iad a’ dol fad is farsaing air feadh a’ Mhaoil, gu h-àraidh sa Chuan Sgìth.

Cha mhòr nach eil a h-uile cunntas air coinneachadh ris na Fir Ghorma ag innse gu bheil iad a’ toirt aghaidh air na bàtaichean. Ach, ma thachras tu fhèin orra, na teirg an sabaid riuthasan idir, oir mar a chì sinn, cha toir e dhìol dhut! Gu dearbh, tha an fhearg mhagail aca a’ nochdadh mar chuspair am measg nam bun-chunntasan: fearg a chuireadh gaoir nad fheòil.

Thachras a’ mhòr-chuid den leithid de choinneachaidhean seachad air na h-Eileanan Seunta nuair a tha gaoth fhiadhaich a’ sèideadh. Bidh faireachain ghorma a’ cumail faire air a’ mhuir, daonnan deiseil airson dàibheadh sìos gus gairm a chur chun an fheadhainn ghorma eile nuair a chì iad bàta. An uairsin bidh buidheann dhiubh a’ leantainn toisiche a-nuas, ’s iad a’ cleachdadh an neart iongantach gus greim a ghabhail air a’ bhàta. Crathaidh iad am bàta a-null ’s a-nall, agus splaisidh iad uisge air a’ bhàta. Fhad ’s a tha seo a’ tachairt, bheir an toisiche dùbhlan dhan sgiobair le bhith a’ dèanamh suas dà loidhne bàrdachd agus gan èigheachd ris. Ma fhreagras an sgiobair le dà loidhne bàrdachd aige fhèin airson crìoch iomchaidh a chur air an rann, teichidh na fir ghorma air ais dhan doimhne. Ach, mura freagair an sgiobair anns an dòigh seo, no ma mheasas an toisiche a’ bhàrdachd ro lag, brisidh na fir ghorma am bàta. Chan eil e gu diofar ged a dh’fheuchas tu ri sabaid riutha, oir chan eil an neart ach a’ meudachadh ann am blàr. Nì iad long-bhriseadh den bhàta agad gun teagamh.

’S dòcha gum bi thu buailteach a bhith a’ smaoineachadh orra mar uilebheistean no “cryptids,” ach chanainn gum biodh tu a’ dèanamh mearachd. Sa pharagraf seo bidh mi ag ràdh rudan annasach, agus cò aig a tha fios an creid thu iad gus nach creid! Ach, a rèir beul-aithris, ’s e sliochdan Beira, Banrigh a’ Gheamhraidh, a th’ annta. Mar sin, anns an aon dòigh ’s a tha Beira agus an co-oghaichean nas ainmeile, na Fir Chlis, tha iad nan creutairean “cosmach”. Tha dreuchd cudromach aig a h-uile creutair cosmach san cruinne-cè, fiù ’s ged nach eil an dreuchdan an-còmhnaidh snoga. Ach gu dearbh, ’s ann an tòir air gnìomhan matha a tha iad. Tha na Fir Ghorma nan dìonadairean Spioraid na Mara agus Spioraid nan Gàidheal. Sin as adhbhar dhan urram a th’ aca do bhàrdachd Ghàidhealach agus an fhearg a th’ aca ris an fheadhainn a thruailleas a’ mhuir ’s a ghlacas cus èisg, nam beachd-san. Dha-rìribh, tha na seann òrain ag innse gu bheil na Fir Ghorma air an tarraing gu h-àraidh gu iasgairean, ’s iad a’ tathaich an aislingean. Tha an dreuchd aca glè choltach ris an fhear aig an Curupira san Amasoin.

Ma smaoinicheas sinn orra san dòigh ùr seo, tha e follaiseach carson nach fhaicear iad ach ainneamh san latha an-diugh. Fhad ’s a bhios plastaig a’ càrnadh sa mhuir ’s nach bruidhinn sinn ar seann-theanga Ghàidhealach, bidh na spioradan ris a bheil an anaman co-cheangailte a’ sìoladh às.
Bidh mi a’ falbh air turas a dh’aithghearr, feuch an tog mi dealbh no dhà dhiubh. Leigidh mi fios dhuibh mar a thèid e!
Sources:
– Wonder tales from Scottish myth & legend by Mackenzie, Donald Alexander, 1917
– Oral tradition
Fàg freagairt